[B1+] Cofaidh agus Cabadaich @ Tramway!

![[B1+] Cofaidh agus Cabadaich @ Tramway!](https://secure.meetupstatic.com/photos/event/d/e/a/highres_514803562.webp?w=750)
Details
DÈ: Cearcall-còmhraidh Gàidhlig! ☕
CUIN: Disathairne, an 19mh dhen Iuchar, 2-4f
CÀITE: Cafaidh @ Tramway, 1d làr
MA DHEIDHINN
Thigeamaid còmhla airson cabadaich sa Ghàidhlig ann an àrainneachd nàdarrach.
Aig an tachartas seo, bidh sinn a' sheachnadh na Beurla cho fad 's a ghabhas 😉 Mar sin, tha an tachartas seo freagarrach do dhaoine aig a bheil Gàidhlig on ghlùn, no a tha fileanta, no a tha leth-fhileanta agus deònach a' Ghàidhlig a chleachdadh a th' aca.
'S e cafaidh ealain a th' ann an Tramway. Tha e suidhichte ann an Glaschu a Deas, ri taobh an stèisein-rèile "Pollokshields an Ear" (Pollokshields East). Ruigidh thu Tramway air an trèan no air na busaichean 3, 38, 57 no 59 (stad-bus: Eglinton Toll) cuideachd.
Thèid deochan agus biadh a reic leis a' chafaidh fhèin. Mar sin, nach ceannaich thu rudeigin airson taic a chumail riutha.

[B1+] Cofaidh agus Cabadaich @ Tramway!