Skip to content

Details

🦇🎃 OIDHCHE SHAMHNA! 🎃🦇

Tha na geamaichean-bùird air ais aig An Lòchran! 🙂

Thigibh a-steach bho 7f is 9f air Oidhche Shamhna airson geamaichean leithid Scrabble sa Ghàidhlig, Ciste Ulaidh na h-Alba, Jenga, cairtean agus eile a chluich còmhla rinn ann an àrainneachd làn Gàidhlig, 's sinn a' feuchainn ri Beurla a chumail far a' bhùird an ìre mhath fad na h-ùine.

Gheibh thu puingean a bharrachd ma chuireas thu aodach brèige ort 🧙🧙‍♀️ Bidh sòmbaidhean An Lòchrain mun cuairt co-dhiù, 's iad gur frithealadh le tì, cofaidh, bùrn, greimeannan-bìdh agus stuth eile a ghabhas òl no ithe. No an gabh? Cò aig a tha fios? Mwahahahaha...🎃😁

Chì sinn Oidhche Shamhna sibh, a chàirdean! xx

Events in Glasgow, GB
Celtic Culture
Language & Culture
Celtic Languages
Gaelic
Scottish

Members are also interested in