Skip to content

Details

: Cearcall-còmhraidh Gàidhlig!

CUIN: Disathairne, 16 am Màrt, 2-4f

CÀITE: Cafaidh @ Tramway

Thig còmhla ruinn airson feasgar de chòmhradh sa Ghàidhlig a chur seachad ann an àrainneachd nàdarrach.

Aig an tachartas seo, bidh sinn a' sheachnadh na Beurla cho fad 's a ghabhas 😉 Mar sin, tha an tachartas freagarrach do dhaoine a tha aig ìre eadar-mheadhanach (B1) neo nas àirde, neo a tha fileanta.

Bidh mi a' toirt leam geama a chluicheas sinn ma thèid an còmhradh air seachran. Ach anns an fharsaingeachd, cha bhi sinn a' leantainn fòrmat shònraichte sam bith 👍🏼

'S e cafaidh ealain a th' ann an Tramway. Tha e suidhichte ann an Glaschu a deas, ri taobh an stèisein "Pollokshields an Ear" (Pollokshields East). Ruigidh thu Tramway air an trèan no air a' bhus 3, 38, 57 no 59 (stad-bus: Eglinton Toll).

Thèid deochan is biadh a reic leis a' chafaidh fhèin. Bidh bùird againn air a' chiad làr, 's bratach na h-Alba orra 🙂

Events in Glasgow, GB
Celtic Culture
Language & Culture
Celtic Languages
Gaelic
Scottish

Members are also interested in