Skip to content

[B1+] Cofaidh agus Gàidhlig @ Tramway!

Photo of Andy Beck
Hosted By
Andy B. and 2 others
[B1+] Cofaidh agus Gàidhlig @ Tramway!

Details

CUDROMACH: Air sgàth nan saor-làithean agam, cha bhi mise (Andy) an làthair an turas seo. Ge-tà, bidh Chris, Dàibhidh agus aoighean eile ann gus fàilte bhlàth, Ghàidhealach a chur ort!

: Cearcall-còmhraidh Gàidhlig!

CUIN: Disathairne, 13 an t-Iuchar, 2-4f

CÀITE: Cafaidh @ Tramway, 1d làr
(no: ma bhios e blàth is grianach gu leòr, is dòcha gun tèid sinn dhan ghàrradh, aig cùl Tramway 🌤️)

Thigeamaid còmhla airson cabadaich sa Ghàidhlig ann an àrainneachd nàdarrach.

Aig an tachartas seo, bidh sinn a' sheachnadh na Beurla cho fad 's a ghabhas 😉 Mar sin, tha an tachartas seo freagarrach do dhaoine a tha aig ìre eadar-mheadhanach (B1) na Gàidhlig no nas àirde, no a tha fileanta.

'S e cafaidh ealain a th' ann an Tramway. Tha e suidhichte ann an Glaschu a deas, ri taobh an stèisein "Pollokshields an Ear" (Pollokshields East). Ruigidh thu Tramway air an trèan no air a' bhus 3, 38, 57 no 59 (stad-bus: Eglinton Toll).

Thèid deochan is biadh a reic leis a' chafaidh fhèin, mar sin, nach ceannaich sibh rudeigin airson taic a thoirt dhaibh.

Photo of An Lòchran (Glasgow Scottish Gaelic Events) group
An Lòchran (Glasgow Scottish Gaelic Events)
See more events