[B1+] Cofaidh agus Gàidhlig @ Tramway!

![[B1+] Cofaidh agus Gàidhlig @ Tramway!](https://secure.meetupstatic.com/photos/event/d/e/a/highres_514803562.webp?w=750)
Details
DÈ: Cearcall-còmhraidh Gàidhlig! ☕
CUIN: Disathairne, 14 an t-Sultain, 2-4f
CÀITE: Cafaidh @ Tramway, 1d làr
(no: ma bhios e blàth is grianach gu leòr, is dòcha gun tèid sinn dhan ghàrradh, aig cùl Tramway 🌤️)
MA DHEIDHINN
Thigeamaid còmhla airson cabadaich sa Ghàidhlig ann an àrainneachd nàdarrach.
Aig an tachartas seo, bidh sinn a' sheachnadh na Beurla cho fad 's a ghabhas 😉 Mar sin, tha an tachartas seo freagarrach do dhaoine a tha aig ìre eadar-mheadhanach (B1) na Gàidhlig no nas àirde, no a tha fileanta.
'S e cafaidh ealain a th' ann an Tramway. Tha e suidhichte ann an Glaschu a deas, ri taobh an stèisein "Pollokshields an Ear" (Pollokshields East). Ruigidh thu Tramway air an trèan no air a' bhus 3, 38, 57 no 59 (stad-bus: Eglinton Toll).
Thèid deochan is biadh a reic leis a' chafaidh fhèin, mar sin, nach ceannaich sibh rudeigin airson taic a thoirt dhaibh.

[B1+] Cofaidh agus Gàidhlig @ Tramway!